to Forestry Commission home page
to Scotland home page
Coille Beithe

Bàrr-airgid

English/Gàidhlig

Bho na 1870an bhathar a’ feuchainn ri craobhan dùthchasach Chaoil Àcain is Shlèite a chur gu barrachd feum coimearsalta. Reiceadh beithe gu marsanta fiodha à Glaschu, ’s dòcha airson piùirn a dhèanamh ann am muilnean cotain Phàislig.

Ach eadhon aig an àm sin, cha mhòr a b’fhiach e a bhith a’ gearradh ’s a’ giùlan an fhiodha airson na fhuair iad de dh’airgead, agus mu 1919 cho-dhùin aithisg ‘nach robh de luach coimearsalta sam bith anns an fhiodh seo, agus nach biodh feum ann idir a bhith a’ caitheamh airgid, ùine is saothair airson feuchainn ri a leasachadh’.

Mar sin, leigeadh seachad na h-oidhirpean mu dheireadh seo, agus mhair fuigheall nan coilltean aosta seo chun an latha an-diugh.